An Gàidheal Òg
Paris Hilton - Am Beatha Shìmplidh – Shìos air a’ chroit.
Tha mise (Paris) a’ dol a chuir seachad dà bhliadhna còmhla ri Dolina Màiri Nic Coinnich air croit (croft) ann an Croit-easaigh (eilean far a’ bheil na daoine dèidheil air croitearachd) agus gheibh thusa a-mach ciamar a tha cùisean a’ dol anns a’ cholbh mìorbhaileach agam.
Faclair
Monadh-moorland, peatbog neapraig-tissue marag -pudding fallain -healthy meud neo-nì- size zero air bhiodan –on tip-toe / excited droch thream – bad mood Clobhd-sgùraidh – cleaning cloth, made up of old rags sgailc- slap
Bliong Bliong – Bling Bling cho reamhar ri ròn- as fat as a seal.
Nuair a ràinig mi cha b’urrainn dhòmhsa mo shùilean a chreidsinn oir càite bheil sinn? air a ghealaich? Chan eil sian air an eilean na mallachd seo ach monadh agus droch aimsir, bha e dìreach cho coltach ris a “Wife Swap” Leòdhasach a rinn teanal a 4. Thachair mi ri Dolina Màiri. Rug i air làimh orm agus thug i pòg dhomh. B’eudar dhomh m’aodann a shuathadh le neapraig nuair a fhuair mi a-staigh oir tha eagal orm gun glac mi galair air choireigin. Thug Dolina dhomh marag, ga brith dè tha siud a’ ciallchachadh. Gach madainn tha Dolina a’ cur bracaist air mo bheulaibh. Dà mharag dhubh, dà mharag gheal, dà ugh, dà isbean. Tha ise ag ràdh nach eil mi a’ coimhead fallain agus gu bheil mi ro chaol. Tha mi air clach gu leth a chuir orm ann an dà sheachdain agus chan urrainn dhomh an cuideam a chumail dhiom. Feumaidh gu bheil rudeigin neònach anns an eadhar air an eilean seo oir tha Nicole air fàs cho reamhar ri ròn. Bha an dithis againn a’ faighinn a-staigh gu meud neo-nì. Agus a-nis se meud 14 a th’orm a-nis. Tha mi air bhiodan faighinn air ais gu LA ach am faigh mi “Colonic Irrigation.” An latha reamhaid b’eudar dhomh glanadh bàthach Dòmhnall Eardsaidh ach bhiodh esan a’ tighinn a-staigh a h-uile darna mionaid, a’ coimhead orm agus ag ràdh “Chan eil bean agam. Carson nach pòs sin?”
Bha Nicole ann an droch thream oir dh’ iarr e oirrese na caoraich a dhupadh (deagh fhacal Gàidhlig) nuair a chluich mi fhìn ‘s e fhèin Falach-fead sa bhàthach. An ath sheachdain tha mi a’ dol a dh’iarraidh air balaich a’ Bhaile Mhòir an Ride aige a’ Phimpadh oir tha mi seachd searbh a’ coimhead aire-san anns an t-seann bhan uaine ud agus cù-chaora aige anns an toiseach. Bhiodh e dìreach glan cuideachd nan tigeadh “Cribs” a choimhead air taigh Dolina. Tha an taigh aicese nas fhèarr na taigh “50 Cent” Tha dreasair alainn aice sa sitting-room agus Jacuzzi.. Bha mi dìreach cho feargach ge-tà nuair a chleachd i an dreasa a thug Donatella Versace dhomh airson na h-Oscars airson an ùrlar a ghlanadh. “Gabh mo leisgeul a ghràidh” thuirt i, “bha mi a’smaoineachadh gur e clobhd-sgùraidh a bh’ann.” Clobhd-sgùraidh! Chosg an dreasa sin $50,000! Thug mi dhi deagh sgailc oir dè an t-eòlas a th’aicese air rudan fasanta? Tha ise a’ smaoineachadh gu bheil seacaid clòimh air muin boilersuit fasanta. Cò-dhiù, sin agad e bhuamsa. An ath sheachdain tha mi a’ dol shealg agus tha Nicole a’ dol sa bhogadh leis an tractair. (Tha mi a’ dol a dh’ iarraidh air mo mhanaidsear agam Bliong Bliong a chuir thugam ach an tig mi a-mach air an deoch le Dòmhnall Eardsaidh )
Chun na h-ath thuras! Paris x x x
Friday, 22 December 2006
Subscribe to:
Posts (Atom)